Tha am Foghar a’ tighinn | Autumn is on its way

 

Tha An Fhèill a’ dol an-seo ann an Dùn Èideann agus aig an Oilthigh, agus tha e doirbh ri creidsinn gum bi an teirm ùr a’ tòiseachadh ann am mìos! Tha prògram làn againn aig an Oilthigh a-rithist am bliadhna, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air a h-uile duine a-rithist. Cumaibh sùil air ar mìosachan an-seo: Mìosachan

The Edinburgh Festival is well under way here at the University, and it’s strange to think that the new term will be starting in a month! We have a full programme at the University this year, and we’re looking forward to welcoming everyone back. Keep an eye on our events calendar here: Calendar

Hallò-ro-gheallaidh: A bheil thu airson tachairt ri daoine eile aig a bheil Gàidhlig, no a tha ga h-ionnsachadh? Cuiridh sinn fàilte air a h-uile daoine aig an tachartas càirdeil seo. Bidh fìon, greimeannan bìdh agus caraidean ùra rim faighinn ann. 17.15 Diardaoin 22 an t-Sultain, Project Room 50 Ceàrnag Sheòrais

Gaelic Welcome Evening: Want to meet others who speak, study or want to learn Gaelic? All are welcome to come along for drinks and snacks at this friendly welcome event. 17.15 Thursday 22 September, Project Room 50 George Square

Cearcall Còmhraidh: Thig ann airson còmhraidh sa Ghàidhlig. Tha fàilte ron a h-uile duine. Tha deoch agus biadh rin ceannachd ann. Gach Diardaoin bho 22 an t-Sultain, 13.00-14.00 aig an Grassmarket Community Project Café

Conversation Circle: Join us for Gaelic conversation. All are welcome. Food and drinks can be purchased at the café. Every Thursday from 22 September, 13.00-14.00 at the Grassmarket Community Project Café

Buidheann Seinn: Bidh Buidheann Seinn a’ coinneachadh gach dàrna Diluain tro àm teirm. Bidh cothrom dà-chànanach ann airson beagan còmhraidh agus òrain a chluinntinn agus a sheinn. Tha fàilte ro oileanaich, luchd-obrach agus muinntir na coimhearsnachd. Gach dàrna Diluain  bho 26 an t-Sultain, àite TBC

Gaelic Song Group: The Gaelic Song Group meets every fortnight during term time. Join us for a bilingual hour of Gaelic song and conversation. Students, staff and community members are all welcome. Fortnightly on Mondays from 26 September, room TBC

Ùrnaighean Gàidhlig: Bidh buidheann a’ coinneachadh airson ùrnaigh sa Ghàidhlig gach dàrna Diluain. Seo cothrom airson oileanaich, luchd-obrach agus muinntir na coimhearsnachd a thighinn còmhla airson ùrnaigh agus meòrachadh. Tha e fosgailte do dhaoine sam bith, ge b’ e dè an crèideamh a th’ aca. Gach dàrna Diluain bho 19 an t-Sultain, san Tèarmann, Oilthigh Dhùn Èideann, 13.10-13.40

Gaelic Prayer: A group will be meeting for Gaelic prayer every fortnight during term time. This is an opportunity for students, staff and community members to come together for prayer and contemplation. People of all faiths and none are welcome. Fornightly on Mondays from 19 September, University of Edinburgh Chaplaincy, 13.10-13.40

Seachdain na Gàidhlig: Tha Seachdain na Gàidhlig air ais bho 12-18 an t-Samhain. Bidh iomadh tachartas a’ dol! Cumaibh ur sùilean air an làrach-lìn. Ma tha sibh airson tachartas a chur air dòigh mar phàirt den t-seachdain, cuiribh an tachartas a-steach air an làrach-lìn aca: http://www.edinburghgaelicfestival.com/ 

Edinburgh Gaelic Festival: Edinburgh Gaelic Festival (Seachdain na Gàidhlig) is back this year from 12-18 November. There will be plenty of Gaelic events to check out! Keep an eye on the website. If you’d like to organise or list an event as part of the festival, you can submit events via the Edinburgh Gaelic Festival website: http://www.edinburghgaelicfestival.com/

 

Seachdain na Gàidhlig 2015 (2) | Gaelic Week 2015 (2)

Bha sinn toilichte a chluinntinn bho dhaoine aig a bheil ùidh ann an Seachdain na Gàidhlig. Tha sinn air coinneamh a chur air dòigh an ath-sheachdain, Diardaoin 27 an Lùnastal aig 16.00 aig an Oilthigh. Tha fàilte ro duine sam bith a tha airson a bhith an sàs. Leig fios gum bi sibh a’ tighinn: gaidhlig@ed.ac.uk. Chì sinn ann sibh!

image(1)
We were happy to hear from people who are excited to be involved in Seachdain na Gàidhlig this year. We’ve set up a meeting for next week, Thursday 27 August. Everyone is welcome to come get involved. RSVP to gaidhlig@ed.ac.uk. We’ll see you there!