Latha nan Òran | Gaelic Song Day

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri Latha nan Òran 2016, le Gillebrìde MacIllemhaoil còmhla rinn mar aoigh sònraichte! ‘S e an cuspair am bliadhna ‘Òrain Uibhist agus seinn ann an Uibhist’.

We are looking forward to Gaelic Song Day 2016 with Gillebrìde MacMillan will be joining us as our special guest! This year’s theme is ‘Uist Songs and Singing in Uist’.

Thigibh ann airson ionnsachadh mu dheidhinn òrain Gàidhlig, seinn, òrain a chluinntinn bho sàr-sheinneadar agus pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach seinn. Thoir leibh ur n-òrain fhèin airson sèisean aig deireadh an latha.

Come along to learn about Gaelic song, to sing, to hear songs from a highly accomplished singer and take part in song workshops. Bring your own songs to take part in a session to round off the day.

‘S ann tro mheadhan na Beurla a bhios a’ mhòr-chuid den latha, le cuid Gàidhlig. Bidh teatha, cofaidh agus greim bìdh aig àm lòin.

The majority of the day will be through the medium of English, with some Gaelic. Tea, cofaidh and a light lunch will be provided.

Leigibh fios thugainn airson àite a chlàradh (gaelic@ed.ac.uk). Disathairne 6 dhen Ghearran, 11m – 4f.  £6 (£4 oileanaich)

Please be in touch to reserve a place (gaelic@ed.ac.uk). Saturday 6 February, 11am – 4pm. £6 (£4 students)

Gillebrìde MacMillan Music: http://www.gillebride.com/

An tachartas air Facebook
Facebook event

 

Advertisements

Teirm ùr, tachartasan ùra | New term, new events

Bliadhna mhath ùr agus fàilte air ais! Tha sinn a’ coimhead air adhart ri teirm ùr còmhla ruibh uile. Thoiribh sùil air na tachartasan tha romhainn:

Happy New Year and welcome back! We’re looking forward to a new term with all of you. Check out these upcoming events:

~ Bidh a’ chiad Chearcall Chòmhraidh a’ tachairt a-màireach, Diardaoin 14mh dhen Fhaoilleach, ann an àite ùr: The Grassmarket Community Project Café. ‘S e com-pàirteachas a th’ ann sa Phròiseact sin le Eaglais nam Manach Liath, far a bheil seirbheis Ghàidhlig gach Didòmhnaich. Bidh sinn a’ coinneachadh sa chafaidh seo gach Diardaoin tro àm teirm eadar 13.10-14.00. Tha biadh is deoch rin ceannachd ann, agus tha fàilte ron a h-uile duine.

~ The first Gaelic Conversation Circle of the term is on tomorrow, Thursday Jan 14th, in a new location: The Grassmarket Community Project Café. The Project is run in partnership with Greyfriars Kirk, where the Gaelic service is held each Sunday. We’ll be meeting in the café each Thursday through term time from 13.10-14.00. Food and drink can be purchased there, and all are welcome to attend.

~ Bidh an Dr Ùisdean MacIllFhinnein a’ bruidhinn rinn Dihaoine an 15mh bho 13.10-14.10 ann an seòmar G.05, 50 Ceàrnag Sheòrais mu chleachdadh Camanachd na Callainn. Barrachd fiosrachadh ri fhaighinn an-seo.

~ Dr Hugh Dan MacLennan will be speaking to us Friday the 15th from 13.10-14.10 in room G.05, 50 George Square, about the custom of playing shinty at the Old New Year. More information can be found here.

~ Bidh Ùrnaighean Gàidhlig a’ tòiseachadh a-rithist Diluain sa Seipleanachd aig an Oilthigh, bho 13.10-13.40.

~ Gaelic Prayer starts again Monday in the University Chaplaincy from 13.10-14.10.

~ Bidh am Buidheann Seinn a’ tòiseachadh a-rithist Diluain an 25mh dhen Fhaoilleach, 13.10-14.00 ann an seòmar 3.54, 50 Ceàrnag Sheòrais.

~ The Gaelic Song Group will be starting up again Monday January 25th, 13.10-14.00 in room 3.54, 50 George Square.

~ Bidh a’ chiad choinneamh Duais Dhùn Èideann a’ dol air adhart Dimàirt an 19mh. Leig fios gu Bria Mason, Oifigear na Gàidhlig, ma tha thu airson pàirt a ghabhail san duais. Feumaidh sinn dearbhadh fhaighinn bho cheithrear ro Dhihaoine airson an Duais a ruith. Mar sin, leig fios thugainn ma tha ùidh agad!

~ The first meeting of the Edinburgh Award (Gaelic Outreach) will take place this coming Tuesday the 19th. Let Bria Mason, Gaelic Officer, know if you would like to take part in this programme. We will need to get confirmation from four students before Friday in order for the Award to run, so if you are interested, get in touch soon!

~ Bidh tòrr eile a’ tachairt an teirm seo. Cum sùil air ar mìosachan an-seo gus dèanamh cinnteach nach call thu rud sam bith.

~ There will be lots more happening this term. Keep an eye on our events calendar here to make sure you won’t miss anything.