Dihaoine | Friday

An urrainn dhuibh a chreidsinn, gur e Dihaoine a th’ ann a-màireach mar-thà? Tha seachdain trang sgoinneil air a bhith againn gu ruige seo. Seo na tha dol a-màireach:

~ Rapal: Dèanaibh cinnteach nach càill sibh am prògram Rapal, a bha air an adhar oidhche Chiadain. Tha e fhathast ri fhaighinn air an iPlayer. Seo prògram sònraichte a chlàraidh sgioba Rapal aig Oilthigh Dhùn Èideann leis na h-oileanaich an-seo: Èistibh ris a’ phrògram an-seo

~ Lòn is Taigh Chèilidh nan Oileanach Gàidhlig

~ Turas tro Dhùn Èideann nan Gàidheal

~ Òraid le Eòghann MacColla

~ Cèilidh nan Amhráin

Can you believe it’s already Friday tomorrow? It’s been a busy, fast-paced week so far! Here’s what’s up next:

~ Rapal: Make sure you don’t miss this programme of Rapal that aired Wednesday night. It’s still available on the iPlayer. This special programme was recorded at the University of Edinburgh with our students: Listen to the programme here

~ Potluck Gaelic Learners’ Lunch and Taigh Chèilidh

~ Walking Tour of Gaelic Edinburgh

~ Artist Talk with Eòghann MacColla

~ Gaelic Song Gathering

Advertisements

Diciadain | Wednesday

Tha tòrr a’ dol ann an Seachdain na Gàidhlig an-diugh: cuairt tron Lios Luibheach, òraid mu chruth-tìre, prògram radio agus cèilidh na Seachdaine.

Cuairt ann an Lios Luibheach Rìoghail Dhùn Èideann

~ Rapal le Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann

~ A’ leughadh Cruth-tìre na Gàidhlig

~ Cèilidh Seachdain na Gàidhlig

Another busy day today in Seachdain na Gàidhlig: a Gaelic walk through the Botanic Gardens, a talk about landscape, a special radio programme and the Seachdain na Gàidhlig cèilidh.

~ A tour in the Royal Botanic Garden Edinburgh

~ Rapal with University of Edinburgh Students

~ Reading the Gaelic Landscape

~ Seachdain na Gàidhlig Cèilidh

Seachdain na Gàidhlig! | Gaelic Week!

Tha Seachdain na Gàidhlig a’ tòiseachadh Didòmhnaich fhèin! Dèanaibh cinnteach gun toir sibh sùil air na tachartasan sgoinneil a tha air a’ phrògram: www.seachdainnagaidhlig.com

Edinburgh Gaelic Week is starting this very Sunday! Be sure to check out the fantastic events on the programme so you don’t miss out: www.gaelicweek.com

Dèanaibh cinnteach, cuideachd, gun tig sibh dhan Fhèill Ghàidhlig Diluain. Bidh cofaidh, tì, greimeannan bìdh, ceòl, leabhraichean Gàidhlig agus stuthan spaideil na seachdaine rim faighinn ann!

Make sure, as well, that you come along to the Gaelic Fair Monday evening. There will be tea, coffee, snacks, music, Gaelic books and Gaelic Week swag there!

Agus ma tha sibh ag iarraidh fiù ‘s barrachd fiosrachaidh, tha brath naidheachd bho Oilthigh Dhùn Èideann mun t-seachdain an-seo: Fèis Ghàidhlig ga cur air bhog air feadh na cathrach

Finally, check out this Edinburgh Uni news item about the week: Gaelic Festival Launches City-wide

Chì sinn ann sibh! See you there! #SnaG2015

Prògram SnaG Suas | SnaG Programme Up

Tha sinn toilichte a ràdh gu bheil prògram Seachdain na Gàidhlig a-nis suas air an làrach-lìn, www.seachdainnagaidhlig.com. Tha tachartasan gu leòr a’ dol tron t-seachdain, tòrr dhiubh aig an Oilthigh.

We are pleased to say that the Seachdain na Gàidhlig programme is now up on the website, www.gaelicweek.com. There are plenty of events going on throughout the week, many of them at the University.

Tha sinn an dòchas gum bi sibh uile airson pàirt a ghabhail san t-seachdain. Cho math ri tighinn dha na tachartasan, tha barrachd bheachdan airson pàirt a ghabhail air an làrach-lìn: http://www.gaelicweek.net/gabhpairt/thigann/ Gheibh sibh abairtean Gàidhlig, tweets, Twibbon agus postair na Seachdaine ann!

We hope you’ll all want to take part in the week. More ideas for how you can be involved (in addition to coming along, obviously!) are up on the website: http://www.gaelicweek.net/gabhpairt/thigann/ There’s a card with Gaelic phrases, bilingual tweets for you to use, a Twibbon and the Seachdain na Gàidhlig poster!