Tachartasan gu leòr! | Lots coming up!

Tha sinn trang an-seo aig Oilthigh Dhùn Èideann, a’ cur fàilte air na h-oileanaich agus a’ tòiseachadh na bliadhna. Bha sinn toilichte tòrr fhaicinn aig an Hallò-ro-gheallaidh agus na tachartasan eile an t-seachdain a chaidh.

We’re busy here at the University of Edinburgh, welcoming new students and starting the year as we mean to continue! It was fantastic to see so many at our Welcome Evening last week and the other events we’ve had so far.

Tha na tachartasan cunbhalach againn uile a’ ruith an-dràsta, agus sin agad ar Cearcall Còmhraidh, Buidheann Seinn, Ùrnaighean Gàidhlig agus Seiseanan Blasad Cànan is Cultar na Gàidhlig. Airson barrachd fiosrachaidh air na tachartasan seo, tha na tachartasan uile againn air a’ mhìosachan seo.

Our regular events are all up and running again: Conversation Circle, Gaelic Song Group, Gaelic Prayers and Gaelic Language & Culture Taster sessions. You can find times and places as well as more info on this events calendar.

Oidhche Chiadain, bidh sinn a’ cur fàilte air daoine a dh’ionnsaich Gàidhlig aig an Oilthigh air panal airson tachartas ‘How to Learn Gaelic.’ Bidh an t-seisean seo gu feum airson luchd-ionnsachaidh a tha aig ìre tòiseachaidh. Gheibh iad comhairle agus beachdan bho dhaoine a tha air a dhèanamh mar-thà. Tha sin air a’ mhiosachan cuideachd, agus tha tachartas Facebook ann cuideachd.

Wednesday evening we’ll be welcoming a panel of former and current students at the University who will talk about their experiences learning Gaelic for our ‘How to Learn Gaelic’ event. This session is aimed at Gaelic learners at an early stage, and is not to be missed! Come along for tips and tricks on how to make the most of the opportunities at the Uni and in the city from people who have been there. More details can be found on the calendar above, or on the Facebook event.

An t-seachdain seo aig an Oilthigh | This week at the Uni

Tha no h-oileanaich air ais, agus tha tòrr a’ dol aig an Oilthigh!

Bidh Hallò-ro-gheallaidh againn Diardaoin 23 an t-Sultain (a-màireach) airson fàilte a chur air na h-oileanaich ùra. Tha fàilte ron a h-uile duine aig a bheil ùidh anns a’ Ghàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann. Bidh seo a’ dol sa Phroject Room aig 50 Ceàrnag Sheòrais bho 17.30. Tha tachartas Facebook an-seo nam bu toil leibh barrachd fiosrachaidh: http://ow.ly/SyXww

Our students are all back, and there’s a lot going on at the University!

There will be a Welcome Evening Thursday 23 September (tomorrow) to welcome the new students. Anyone is welcome to come along who has an interest in Gaelic at the University. This will take place in the Project Room at 50 George Square from 17.30. There is a Facebook event if you’d like more information: http://ow.ly/SyXww

Tha deagh naidheachd againn, cuideachd, a thaobh àireamhan oileanaich am bliadhna. Seo artagail bhon BhBC mu ‘Àrdachadh mòr an oileanaich na Ceiltis’: http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/34323351

We also have fantastic news in terms of student numbers on Gaelic-related courses this year. 264 students are enrolled on first-year courses in Celtic & Scottish Studies, with 49 of those set to do degrees in the department.  Here is a BBC article about the increase in student numbers (Gaelic only): http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/34323351

Bidh Seirbheis Ghàidhlig an Oilthigh a’ gabhail àite Didòmhnaich 27 an t-Sultain airson fàilte a chur air oileanaich. Bidh an Dr Seumas Eglinton, bho Oilthigh Dhùn Èideann, a’ searmonachadh. Bidh an t-seirbheis a’ tòiseachadh aig 12.30, aig Eaglais nam Manach Liath. Tha fàilte ron a h-uile duine.

A Gaelic University service to welcome new students will be held this Sunday 27 September, led by the University’s Dr James Eglinton. The service will take place at Greyfriars Kirk at 12.30, and all are welcome to attend.

Chì sinn ann sibh!

We’ll see you there!

#SnaG2015

Tha sinn toilichte a ràdh gu bheil Seachdain na Gàidhlig a’ gabhail àite air an 18mh-24mh an Dàmhair 2015! Tha làrach-lìn snasail ùr againn, le barrachd fiosrachadh ri tighinn. Thoiribh sùil air aig seachdainnagaidhlig.com!

Tha sinn a’ sireadh luchd saor-thoileach, airson a bhith an sàs tron t-seachdain agus gu h-àraidh airson tachartasan a chur ris a’ phrògram. Tha fiosrachadh agus foirm airson tachartasan air an làrach-lìn. Tha sinn airson tachartasan cunbhalach a thaisbeanadh cho math ri tachartasan sònraichte.

Siuthadaibh, ma-thà!

We are pleased to announce that Seachdain na Gàidhlig (Edinburgh Gaelic Week) will be happening on the 18th-24th October 2015! We have a snazzy new website, with even more information to come. Take a peek at gaelicweek.com!

We are looking for volunteers to get involved, and particularly to add events to the programme. You can submit your event information using a form on the website. We’re keen to showcase existing events as well as one-off events put on especially for SnaG.

Go on, then, have a look and get in touch!